Bann-leathann na chnap-starra

  • 22 An t-Ogmhìos 2017
Càbaill

Tha Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar air dragh a nochdadh gur dòcha gum bi dìth seirbheis bhann-leathainn cheart a' cumail dhaoine gun an dachaigh a dhèanamh ann an sgìrean iomallach.

Thuirt an Comh. Tormod Dòmhnallach gun toireadh sin droch bhuaidh air seirbheisean mar sgoiltean, agus gun cuireadh sin ris na duilgheadasan a th' ann daoine òga gu h-àraid a tharraing gu sgìrean.

Tha Mgr Dòmhnallach ag iarraidh sgeama bhann-leathainn an Riaghaltais, a tha a' gealltainn sgìrean iomallach a dhèanamh an toiseach, a chur an gnìomh cho luath 's a ghabhas.

Ach is coltach nach eil dà sgoil - Sgoil Ùig', agus Sgoil Bheàrnaraigh - a' dol a dh'fhaighinn cothrom air ceangal nas fheàrr.

"Bhon Iomall chun a' Mheadhain"

"'S e fìrinn na cùise gu bheil an dà sgoil a tha sin ann an sgìrean gu math iomallach co-dhiù, agus tha iad cugallach a thaobh àireamhan," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Ach ma tha daoine airson gluasad a-steach dha na sgìrean le teaghlaichean gur e sin fear de na rudan a tha daoine a' coimhead ris an-diugh - tha iad a' coimhead ri dachaigh a bhith aca, tha iad a' coimhead ri sgoil a bhith anns an sgìre far a bheil iad a' dol a ghluasad, agus tha iad cuideachd a' lorg ceangail mhath tron bhann-leathann.

"Agus aig an ìre seo, 's e an aon rud a tha sinne a' faicinn a tha air fàire a thaobh fuasgladh fhaighinn air a' cheist a tha sin airson sgìrean nas iomallaiche, 's e nuair a thèid 4G a chur an sàs tro sheirbheisean nam fònaichean-làimhe eadar seo 's deireadh na bliadhna.

"Tha e a rèir 's dè tha daoine a' dèanamh leis. Ma tha daoine a' cleachdadh fònaichean-làimhe airson rudan a tha iad a' cleachdadh san fharsainneachd, tha mi a' smaoineachadh nach bi e càil a bharrachd air mar a bhios e do dhaoine a tha a' cleachdadh 4G an àite sam bith eile.

"'S e seirbheis a bhios ann a bhios an aon rud tarsainn air an Rìoghachd air fad.

"Ach ma tha daoine gu bhith a' stòradh dàta 's rudan den t-seòrsa sin, feumaidh am bann a bhith tòrr nas fharsainne, agus gun teagamh pàighidh iad air sin.

"Ach ma tha iad ga dhèanamh a thaobh gnìomhachas sam bith, bhiodh sin mar rud sam bith eile co-cheangailte ris a' ghnìomhachas. Feumaidh iad sin a bhiadhadh a-steach dhan phlana-ghnìomha aca aig toiseach-tòiseachaidh.

"Ach cha bhiodh sin mar sin nam b' e 's gum biodh ceangal math dhan fibre a' dol a-steach dha na sgìrean as iomallaiche.

"'S e sin a tha an Riaghaltas air a chur romhpa, agus 's e sin a tha iad a' cur mu choinneimh nam buidhnean a tha an sàs ann a bhith a' cur a-steach fibre agus bann-leathainn dha na sgìrean as iomallaiche.

"Tha an Riaghaltas fhèin air a ràdh, gu bheil iad a' bruidhinn air "bhon iomall a-steach dhan mheadhan" agus gur e sin a tha iad a' gu bhith a' cur mu choinneimh an fheadhainn a bhios an sàs ann a bhith a' cur fibre agus a' bhann-leathainn dha na sgìrean as iomallaiche - gum bu chòir dhaibh a bhith a' tòiseachadh leis na sgìrean as iomallaiche.

"Chan eil dearbhadh sam bith againn aig an ìre seo, agus tha iad fhathast a' dèanamh rannsachaidh air dè an dòigh as èifeachdaiche air sin a dhèanamh.

"Ach aig deireadh an là tha an Riaghaltas air a chur romhpa gum bi e comasach do dhaoine grèim fhaighinn air a' bhann-leathann ro dheireadh 2020, agus bu chòir gum bi co-ionnannachd ann tarsainn air an dùthaich," thuirt e.